Strì ann an Sruighlea

Tha e air tighinn am follais gu bheil comhairlichean ann an Sruighlea am beachd ‘foghlam na Gàidhlig’ a gheàrradh. Chan eil iad ge-tà airson an abairt siud a chur an cèill. Cha mhinich iad an e ‘foghlam tro mheadhan na Gàidhlig’ no an e ‘Gàidhlig mar dàrna chànan’ a th’aca nan intinn. No eadhon foghlam sa choimhearsnachd do dh’inbhich.

Tha e do-chreidsinneach gun tàinig plana mar seo am bàrr sa chiad dol a-mach. Le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha suas ri 75% den airgead a’ tighinn bhon a’ riaghaltas, chan eil Comhairle Shruighlea dol a shàbhalachadh tòrr airgid co-dhìu. A bharrachd air siud, tha a’ chlann feumach air foghlam agus ‘s fheàirrde iad an dà chànan seach aon a-mhàin.

San aithris HMIE air an sgoil o choinn ghoirid, fhuair clann na Gàidhigh 'math' airson an cuid foghlam fhad's nach d'fhuair an roinn Bheurla ach 'meadhanach'. Se foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an slighe air adhart.

Ciallach? No cho tiugh ri Plug?

Co-dhìu, tha pàrantan aig Bungsoil Taobh na h-Aibhne fo iomgain mu dheidhinn a’ chuis mar a tha luchd na Gàidhlig uile sa sgìre.

Cuir ris an iomairt gus Gàidhlig a dhìon agus adhartachadh ann an sgìre Shruighlea.

Seo foirm air-loidhne gus gearain a dhèanamh dhan Roinn Foghlaim aca:

No seo duilleag le liosta de na comhlairlichean. San dol seachad, tha cuid de na comhlairichean Toraidheach air gearan mu’n a’ Ghàidhlig san àm a dh’fhalbh.

http://www.stirling.gov.uk/councillors

 

Campaign by parents and Gaels in Stirling to stop cuts to 'Gaelic education'.

AttachmentSize
Stirlingcouncillogo.png13.03 KB

Comments

Re: Strì ann an Sruighlea

By Anonymous

Cuiridh mi gearradh a-steach ann an tiotag, ach tha mi really den bheachd gum feum sinn sabaid a thaobh seo. Ma leigeas sinn leotha cuir às de na h-adhartasan a tha sinn air dèanamh - ge b' e cho beag agus a tha iad - tachraidh an aon rud a-rithist. Chan urrainn dhaibh prìs a chur air cànain no cultar.

Re: Strì ann an Sruighlea

By Anonymous

 

Anonymous wrote:Cuiridh mi gearradh a-steach ann an tiotag, ach tha mi really den bheachd gum feum sinn sabaid a thaobh seo. Ma leigeas sinn leotha cuir às de na h-adhartasan a tha sinn air dèanamh - ge b' e cho beag agus a tha iad - tachraidh an aon rud a-rithist. Chan urrainn dhaibh prìs a chur air cànain no cultar.

 

Tha mis' air an aon ràmh. An adhartas a th'ann ma theid sinn air ais gu direach an aon chànan a chleachdadh? An e dha-riribh an rud as fheàrr dhan chloinn againn, direach an aon teang' a bhith aca?

Create an account or log in to post your article or announce an event

randomness